2004: Là Nollaig ann an Inbhir Narann
Fàilte ort, cuir air gach dealbh airson a bhith ga fhaicinn. 
Cleachd 'back' airson tilleadh dhan dhuileag seo no a dhol air ais gu Nairn Pictures

Dhùisg mi tràth 's 's e deagh rud a bh' ann.  S' àbhaist dhuinn a bhith nan cadal leis na uinneig beagan fosgailte.  Bha bleideagan sneachda a sèideadh a-steach.  Dhuin mi an uinneag 's thug mi sùil air a' chathadh sneachda a bh' againn.  Glan mi an pìos den ùrlar a bha na gheal 's thill mi dhan leabaidh.  Cha do stad an sneachd gus an do ràinig an cloc cairteal an dèidh naoi 's an uair sin chaidh mi a-mach 's thog mi grunn dealbhan.